Tha mi creidsinn ann an Dia an t-Athair Uile-chumhachdach, Cruithfhear
nèimh agus talmhainn:
Agus ann an Iosa Criosd aon Mhac-san ar Tighearn,
A ghabhadh leis an Spiorad naomh, A rugadh leis an Oigh Muire,
A dh’ fhuiling fo Phontius Pilat, A cheusadh, a fhuair bàs, agus a dh’
adhlaiceadh; Chaidh e sìos do dh’ ifrinn,
Air an treas là dh’ éirich e rìs o na mairbh,
Chaidh e suas gu Nèamh, Agus tha e n a shuidhe air deas làimh Dhé an
t-Athair Uilechumhachdach;
As an sin thig e thoirt breth air na bèothaibh agus air na mairbh.
Tha mi creidsinn anns an Spiorad naomh;
S an Eaglais naomh Choitchionn; An Comhchomunn nan Naomh;
Am maitheanas pheacaidhean;
An aiseirigh a’ chuirp,
Agus s a’ bheatha shìorruidh, Amen.