Covenant Protestant Reformed Church
Bookmark and Share

Creud Naomh Atanasius

 

Co air bith leis an àill a bhi air a shàbhaladh : roimh gach ni tha e feumail gu’n cum e gu daingean an Creidimh Coitchionn.
Mur gleidh gach neach an Creidimh so gu h-iomlan agus gun truailleadh : gun teagamh théid e mugha gu sìorruidh.
Agus is e so an Creidimh Coitchionn: gu’n toir sinn aoradh do dh’ aon Dia ann an Trionaid, agus Trionaid ann an Aonachd;

Gun a bhi ‘coimh-mheasgadh nam pearsannan ; no ‘roinn an naduir.
Oir tha aon phearsa ann de ‘n Athair, pearsa eile de ‘n Mhac : agus pearsa eile de ‘n Spiorad Naomh.
Ach Diadhachd an Athar, a’ Mhic, agus an Spioraid Naoimh is aon i uile ; tha a’ Ghlòir co-iounan, a’ Mhòrachd co-shìorruidh.
Mar a tha ‘n t-Athair, mar sin tha am Mac : agus mar sin tha an Spiorad Naomh.
An t-Athair neo-chruthaichte, am Mac neo-chruthaichte : agus an Spiorad Naomh neo-chruthaiclite.
An t-Athair neo-chrìochnach, am Mac neo-chrìochnach : agus an Spiorad Naomh neo-chrìochnach.
An t-Athair sìorruidh, am Mac sìorruidh : agus an Spiorad Naomh sìorruidh.
Agus gidheadh cha tri sìorruidh iad : ach aon sìorruidh.
Mar an ceudna cha-n ‘eil tri neo-chrìochnach, no tri neo-chruthaichte ann : ach aon neochruthaichte, agus aon neo-chrìochnach.
Mar an ceudna tha an t-Athair Uile-chumhachdach, am Mac Uile-chumhachdach : agus an Spiorad Naomh Uile-chumhachdach.
Agus gidheadh cha tri Uile-chumhachdach iad : ach aon Uile-chumhachdach.
Mar so is Dia an t-Athair, is Dia am Mac : agus is Dia an Spiorad Naomh.
Agus gidheadh cha tri Dée iad : ach aon Dia.
Mar an ceudna is Tighearn an t-Athair, is Tighearn am Mac : agus is Tighearn an Spiorad Naomh;
Agus gidheadh cha tri Tighearnan iad : ach aon Tighearn.
Oir amhuil mar a tha sinn air ar coimhéigneachadh leis an fhìrinn Chriosdail : a dh’ aideachadh gur Dia agus Tighearn gach pearsa fa leth;
Mar sin tha e air a thoirmeasg dhuinn leis a’ Chreidimh Choitchionn : a ràdh, Gu bheil tri Dée, no tri Tighearnan ann.
Cha-n ‘eil an t-Athair deanta le neach air bith : no cruthaichte, no ginte.
Tha am Mac o’n Athair a mhàin : cha ‘n ann deanta, no cruthaichte, ach ginte.
Tha an Spiorad Naomh o’n Athair agus o’n Mhac : cha-n ann deanta, no cruthaichte, no ginte, ach a’ teachd.
Mar sin tha aon Athair ann, ni h-e tri Aithrichean; aon Mhac, ni h-e tri Mic : aon Spiorad Naomh, ni h-e tri Spioraid Naomha.
Agus anns an Tnionaid so cha-n ‘eil aon roimh, no an déigh a chéile : cha-n ‘eil aon na ‘s mò, no na ‘s lugha na ‘chéile.
Ach tha na tri pearsannan uile co-shìorruidh le ‘chéile : agus co-ionnan.
Mar sin anns na h-uile nithibh, mar a thubhairteadh roimhe : is còir aoradh a thoirt do ‘n Aonachd ann an Trionaid, agus do ‘n Trionaid ann an Aonachd.
Uime sin an ti, leis an àill a bhi air a shàbhaladh : feumaidh e smuainteachadh mar so air an Trionaid.
Os barr, tha e feumail chum slàinte shìorruidh : gu’n creideadh e gu ceart mar an ceudna ann an Teachd ar Tighearna Iosa Criosd ‘s an fheòil.
Oir is e an Creidimh ceart, gu’n creid agus gu’n aidich sinn : gur Dia, agus Duine, an Tighearn Iosa Criosd, Mac Dhé;
Dia de nadur an Athar, ginte roimh na saoghail : agus Duine de nadur a Mhathar, a rugadh auns an t-saoghal;
Dia iomlan, agus Duine iomlan : aig am bheii anam reusanta agus feòil dhaoine;
Co-ionnan ris an Athair, a thaobh a Dhiadhachd : agus is ìsle na ‘n t-Athair, a thaobh a Dhaonnachd.
An ti ged is Dia, agus is Duine e : gidheadh cha dà Chriosd, ach a h-aon e:
Is aon e; cia-n ann le tionndadh na Diadhachd gu feòil : ach le gabhail na Daonnachd gu Dia;
Is aon e gu h-iomlan; cha-n ann le coimhmheasgadh naduir : ach le aonachd pearsa.
Oir mar is aon duine an t-anam reusanta agus an fheòil : mar sin an ti is e Dia agus Duine, is aon Chriosd e.
A dh’ fhuiling air son an sàbhalaidh : a chaidh sìos do dh’ ifrinn, a dh’ éirich a rìs air an treas là o na mairbh.
Chaidh e suas gu nèamh, tha e ‘n a shuidhe air deas làimh an Athar, Dia Uile-chumhachdach : as an sin thig e ‘thoirt breith air na beòthaibh agus air na mairbh.
Aig a theachd, éinidh na h-uile dhaoine rìs le ‘n corpaibh : agus bheir iad cunntas air son an oibre féin.
Agus iadsan a rinn maith, théid iad gu beatha shìorruidh: agus iadsan a rinn olc gu teine sìorruidh.
‘S e so an Creidimh Coitchionn : mur a creid duine e gu fìrinneach, cha n-urrainn da ‘bhi air a shàbhaladh.
Glòir do ‘n Athair, agus do ‘n Mhac : agus do ‘n Spiorad Naomh;
Mar a bha air tùs, a tha nis, agus a bhitheas gu bràth : saoghal gun chrìoch. Amen.